News and media

Archive

A’ chiad sheirbheis connaidh choimhearsnachd aig Ravenspoint

30 August 2013

Thèid a’ chiad sheirbheis connaidh choimhearsnachd a tha a’ cleachdadh tanca os cionn an talamh airson connadh a’ stòradh ann an Alba ga thogail anns na h-Eileanan an Iar.

Tha Co-chomunn na Pàirc a tha a’ ruith Ionad Ravenspoint aig Ceirseadar as leth a’ choimhearsnachd aig Ceann a Deas na Lochan, air maoineachadh fhaighinn bhon Maoin an Crannchur Mòr, Urras Muaitheabhal agus £25,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson gum bi sheirbheis connaidh ri fhaighinn anns an sgìre iomallach seo.

'S urrainn do muinntir an àite peatrail agus dìosail fhaighinn uair sam bith bhon phump agus chan fheum iad siubhail còrr is 40 mìle agus air ais chun an stèisean peatrail as fhaisge.

Thèid a’ phump ùr a thogail aig làrach an t-seann sgoile far a bheil an iomairt shòisealta air bùth choimhearsnachd, cafaidh, ostail agus rudan eile airson luchd-turais a’ steidheachadh.

Thuirt Sine Nic an Tòisich, Ceannard Neartachadh Choimhearsnachdan airson na h-Innse Gall: “Tha HIE air a bhith ag obair gu dlùth leis an iomairt shòisealta seo airson còrr is sia bliadhna a-nis agus tha e math a bhith a’ faicinn an t-seirbheis connaidh ùr ga chur a-steach, a tha a’ leudachadh na goireasan aig an ionad agus a’ cuideachadh sgìre Ceann a Deas na Lochan fhàs.

Tha Co-chomunn na Pàirc air oidhirp mhòr a dhèanamh airson seirbheisean a bharrachd a’ leasachadh airson a’ choimhearsnachd agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an t-seirbheis connaidh a tòiseachadh. On a 's e seo a’ chiad seirbheis den t-seòrsa, bi HIE a’ measadh de cho èifeachdach sa tha tanca os cionn an talamh mar dòigh do sheirbheis connaidh airson sgìrean iomallach.”

Thuirt John Randall, Cathraiche Co-chomunn na Pàirc: “ Aon uair sa tha a’ phump a’ dol, ni e diofar mhòr dhan a’ choimhearsnachd agus bi barrachd ghoireasan an uairsin aig Ravenspoint. Sàbhalaidh seo bho a bhith a’ siubhail airson connadh agus cuidichidh seo daoine a thàladh gus fuireach neo tadhal air Ceann a Deas nan Lochan”

Ged a 's e seo a chiad turas a tha coimhearsnachd ann an Alba a’ stòradh connadh ann na tancaichean os cionn an talamh, tha iad air an cleachdadh le àiteachan coimearsalta air feadh an Rìoghachd Aonaichte agus tha iad a’ ruigsinn na bun-tomhaisean airson sàbhailteachd agus àrainneachd. Tha seo a’ cosg nas lugha na bhith a’ cur na tancaichean fon talamh, tha iad cuideachd nas fhasa a’ ghleidheadh agus tha an cunnart bho connadh a bhith ag aoidion dhan talamh nas lugha.

Thuirt Maureen McGinn, Cathraiche Maoineachadh a’ Chrannachur Mhòr: “Tha an taic a thug sinn dhan Cho Chomunn na Pàirc air a dhèanamh an àrda le dà thabhartas anns na trì bliadhna a chaidh seachad, airson maoin fhaighinn airson a bhi nas seasmhachd. Tha an leth mhillean nota de dh’ airgead a thug sinn dhaibh thar na bliadhnaichean air cuideachadh le lughdachadh iomallachais airson daoine ionadail. Tha an stèisean-peatrail air a bhith mar phàirt cudromach airson an eaconamaidh ionadail fhàs.

Tha fhios againn tron a’ phrògram So-mhaoin Coimhearsnachdan Fhàis gu bheil coimhearsnachdan an seo comasach pàirt a ghabhail anns an leasachadh aca fhèin, a tha a’ toirt dhaibh misneachd agus a bhith àrd-amasach. Tha Maoineachadh a’ Chrannachar Mòr air leth toilichte a bhith a’ maoineachadh Co-chomunn na Pàirc agus a’ creidsinn gu bheil an t-airgead a tha sinn a’ toirt seachad a’ dèanamh diofar mòr dhan an coimhearsnachd airson na bliadhnaichean ri thighinn.”

Anns an ionad, tha ostail le 14 leabhaidhean, taisbeanaidhean air Calum Cheanadach, luchd-ciùil ionadail eile, Patagonia, a’ sealg mucan-mara, taigh-tasgaidh ionadail aig Comunn Eachdraidh na Pàirc, an Tasglann aig Aonghas MacLeòid agus an cruinneachadh aig Derek Cooper.
 

Tha cùrsaichean Gàidhlig gun ruith airson grunn sheachdainean far a bheil oileanaich bho air feadh an t-saoghal gan toirt gu cridhe coimhearsnachd Gàidhlig.

Tha an ionad a’ toirt a-steach Urras Leabhraichean na h-Eileanan agus a’ phròiseact dualchais ùr Ceanglaichean na h-Innse Gall a tha ri taobh oifisean Urras na Pàirc fhèin agus Urras Muaitheabhal.


Leave a comment

 
Back to top