| Bòrd HIE a' cur fàilte air linn ùr don Ghàidhlig | |
| 03 September 2007 Tha Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' cur ri chèile plana Gàidhlig mòr-inntinneach a tha an dòchas stèidheachadh Gàidhlig mar chomharradh cudromach den Ghaidhealtachd 's nan Eilean agus mar pàirt den leasachadh nan roinn anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Nochd an dealas ann an taisbeanadh gu Bòrd HIE aig a' choinneamh reachdail a bha ann an Arcaibh an seachdain seo. Thug manaidsear phoileasaidh Gàidhlig HIE Alasdair MacLeòid, seachad dreach den phlana Ghàidhlig na buidhne, a chaidh a-mach o chionn ghoirid gu co-chomhairleachaidh. Tha plana aig HIE taic a thoirt don Ghàidhlig le còrr air £2m am bliadhna seo. 'S e HIE aon de sia bhuidhnean poblach aig a tha riatanas bhon Riaghaltas na h-Alba plana Gàidhlig deasachadh, dèanamh cinnteach gum bi suidheachadh na cànain tèarainte san àm ri teachd. Tha dreach phlana Gàidhlig HIE a' cur cuideam air coimhearsnachdan a bhios a' bruidhinn Gàidhlig, agus na h-eileanan, ach cuideachd a' coimhead ri cuir air adhart dearbh-aithne na Gàidhlig air a' Ghaidhealtachd agus sna h-Eileanan agus toirt taisbeanadh air an aon mheas sa tha air a' Bheurla - pàirt cudromach den reachdas airson a' chànain a chumail dìon còmhla ri còraichean luchd-bruidhinn na Gàidhlig. 'S e pàirt cudromach den phlana, dealas airson buannachd fhaighinn bho na cothroman a bhios a' tighinn gu bàrr bhon a bhith a' toirt air adhart leasachadh ann an roinn HIE - a' gabhail a-steach pròiseactan mar Fàs, an ionad ùr airson gnìomhachdan cultarach agus cruthachail, a bhios stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach. Tha am plana ri fhaotainn air loinne aig www.hie.co.uk/gaelic-plan gu Diciadain 5 An Sultain. Thèid an dreach mu dheireadh gu Bòrd na Gàidhlig airson beachdachadh air a' chiad latha den Dàmhair. Cuideachd, thug Bòrd HIE ceadachadh airson £402,500 cuideachadh do dh’Ionad a-muigh Eilean Ratharsair air an Eilean Sgitheanach airson uidheam agus àirneis. Tha an ionad stèidhte ann an Taigh Ratharsair - an Taigh a tha oighreachd choimhearsnachd ionadail a' faighinn bho HIE. Fhads a bha iad ann an Arcaibh, rinn buill a' bhùird tadhail air grunn chompanaidhean a leithid, Scotrenewables, Aquatera, European Marine Energy Centre, agus Colaisde Arcaibh. Choinnich iad cuideachd còmhla ri daoine a tha air an Young People's Panel ann an Arcaibh a bhios ag aontachadh iarratas airgid Maoin a’ Chrannchair Mhòir.
| |
Add to Favorites
Facebook
Digg
del.icio.us
Google
Live Bookmarks
StumbleUpon
Technorati
Reddit
Furl
Slashdot
Spurl