Bòrd HIE a' cur fàilte air linn ùr don Ghàidhlig


Bòrd HIE a' cur fàilte air linn ùr don Ghàidhlig
03 September 2007

Tha Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' cur ri chèile plana Gàidhlig mòr-inntinneach a tha an dòchas stèidheachadh Gàidhlig mar chomharradh cudromach den Ghaidhealtachd 's nan Eilean agus mar pàirt den leasachadh nan roinn anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Nochd an dealas ann an taisbeanadh gu Bòrd HIE aig a' choinneamh reachdail a bha ann an Arcaibh an seachdain seo. Thug manaidsear phoileasaidh Gàidhlig HIE Alasdair MacLeòid, seachad dreach den phlana Ghàidhlig na buidhne, a chaidh a-mach o chionn ghoirid gu co-chomhairleachaidh.

Tha plana aig HIE taic a thoirt don Ghàidhlig le còrr air £2m am bliadhna seo. 'S e HIE aon de sia bhuidhnean poblach aig a tha riatanas bhon Riaghaltas na h-Alba plana Gàidhlig deasachadh, dèanamh cinnteach gum bi suidheachadh na cànain tèarainte san àm ri teachd.

Tha dreach phlana Gàidhlig HIE a' cur cuideam air coimhearsnachdan a bhios a' bruidhinn Gàidhlig, agus na h-eileanan, ach cuideachd a' coimhead ri cuir air adhart dearbh-aithne na Gàidhlig air a' Ghaidhealtachd agus sna h-Eileanan agus toirt taisbeanadh air an aon mheas sa tha air a' Bheurla - pàirt cudromach den reachdas airson a' chànain a chumail dìon còmhla ri còraichean luchd-bruidhinn na Gàidhlig.

'S e pàirt cudromach den phlana, dealas airson buannachd fhaighinn bho na cothroman a bhios a' tighinn gu bàrr bhon a bhith a' toirt air adhart leasachadh ann an roinn HIE - a' gabhail a-steach pròiseactan mar Fàs, an ionad ùr airson gnìomhachdan cultarach agus cruthachail, a bhios stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.

Tha am plana ri fhaotainn air loinne aig www.hie.co.uk/gaelic-plan gu Diciadain 5 An Sultain. Thèid an dreach mu dheireadh gu Bòrd na Gàidhlig airson beachdachadh air a' chiad latha den Dàmhair.

Cuideachd, thug Bòrd HIE ceadachadh airson £402,500 cuideachadh do dh’Ionad a-muigh Eilean Ratharsair air an Eilean Sgitheanach airson uidheam agus àirneis. Tha an ionad stèidhte ann an Taigh Ratharsair - an Taigh a tha oighreachd choimhearsnachd ionadail a' faighinn bho HIE.

Fhads a bha iad ann an Arcaibh, rinn buill a' bhùird tadhail air grunn chompanaidhean a leithid, Scotrenewables, Aquatera, European Marine Energy Centre, agus Colaisde Arcaibh. Choinnich iad cuideachd còmhla ri daoine a tha air an Young People's Panel ann an Arcaibh a bhios ag aontachadh iarratas airgid Maoin a’ Chrannchair Mhòir.