Fèisean nan Gàidheal - Maoineachadh bho HIE
06 February 2007

Bidh Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' maoineachadh Fèisean nan Gàidheal le £632,000 airson trì bliadhna eile.

Cuidichidh an airgead cruthachadh buannachdan airson iomairtean cruthachail, cultarail is turasachd agus leasachadh sgilean a measg dhaoine òga.

Gheibh Fèisean nan Gàidheal maoineachadh cuideachd bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Ealain na h-Alba.

Chaidh Fèisean nan Gàidheal a stèidheachadh ann an 1988 mar bhuidheann-sgàile neo-eisimeileach iomairt nam Fèisean. Tha a' bhuidheann a' tabhann taic-airgid, programan-trèanaidh, àrachas, 'banca' ionnstramaidean-ciùil, foillseachadh stuthan-teagaisg, agus mòran sheirbheisean eile do na Fèisean.

Tha na Fèisean air mòran a dhèanamh airson Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal a bhrosnachadh, agus tha sin follaiseach anns na h-àireamhan mòra de dhaoine òga aig a bheil ùidh agus comas ann an ceòl Gàidhealach, òrain Ghàidhlig agus dràma Gàidhlig, a bharrachd air a' chànan fhèin. Gu cudthromach tha iad a' brosnachadh dhaoine pàirt a ghabhail anns a' chultar luachmhor a th' againne, agus a' teagasg sgilean, a bha aig aon àm air an ionnsachadh tro bheul-aithris.

Rinn HIE sgrùdadh air am buaidh a th'air na fèisean air iomadh cùis. Tha e soilleir bhon seo gu bheil na fèisean a' toirt buaidh dòchasach air 61 duine sa cheud air an co-dhùnadh air tilleadh don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.

Thuirt Alasdair MacLeòid, manaidsear poileasaidh na Gàidhlig aig HIE: "Tha HIE a' toirt taic do Fhèisean nan Gàidheal airson cuideachadh leudachadh na goireasan a th'aca ma thràth. Bha a' chiad tachartas ann an 1981 agus bhon uairsin tha an leasachadh air a bhith glè iongantach.

Tha na Fèisean air buaidh bhunaiteach a chuir air dealas cultarach agus am pròis a th'anns ar ceòl dùthchasach agus cànan anns a' Ghàidhealtachd anns na 20-25 bliadhna a chaidh seachad. Tha na Fèisean a' toirt cothrom dhuinn a thogail air ar dualchas cultarach, agus buannachdan a thogail airson roinnean turasachd, cultarach agus cruthachail.

Chaidh a' chiad fhèis a chur air bhog nuair a thòisich buidheann de phàrantan ann am Barraigh a' gabhail dragh gun robh dualchas an eilein a' dol bàs is nach robh an cuid chloinne ag ionnsachadh ceòl traidiseanta anns an sgoil. Mar dhòigh gus an suidheachadh seo a leasachadh, chaidh a' chiad Fhèis Bharraigh a chumail anns an Eilean ann an 1981.

Nuair a chualas cho mòr is a shoirbhich Fèis Bharraigh, thòisich coimhearsnachdan air feadh Alba a' cur nam Fèisean aca fhèin air dòigh. Tha a' mhòr-chuid de dh'Fhèisean fhathast gan ruith le comataidhean saor-thoileach.

Tha Fèisean nan Gàidheal a' tuairmse gu bheil còrr air 11,000 daoine òga an-dràsta a' gabhail pàirt anns na 43 Fèisean a tha a' dol air adhart gach bliadhna, agus timcheall air 60 dreuchdan air an cruthachadh mar phàirt de na cur-seachadan.

Thuirt Ministear an Turasachd, a' chultair agus an Spòrs, Patricia NicFhearghais: "Tha Fèisean nan Gàidheal stèidhte agus air an luach mar phàirt de bheatha chultarach Alba agus bu chòrr dhuinn a bhith pròiseil air cho soirbheachail sa tha e. Tha na fèisean air cuideachadh mòr a dhèanamh airson daoine òga agus air neartachadh ceòl traidiseanta agus Gàidhlig mar chànain air feadh Alba.

"Tha Fèisean nan Gàidheal eòlach air fàs seasmhach agus e air leudachadh gu iomadh cheàrnaidh ann an Alba leis an dealas a thaobh a' Ghàidhlig fhathast àrd.
 
"Tha feum air iomairtean mar seo airson a thoirt misneachd do dhaoine a bhios bruidhinn Gidhlig gus cleachdadh agus mar seo Gaelic a chumail seasmhachd ann an Alba san m ri teachd."

"Tha feum air iomairtean mar seo airson a thoirt misneachd do dhaoine a bhios bruidhinn Gàidhlig gus cleachdadh agus mar seo Gaelic a chumail seasmhachd ann an Alba san àm ri teachd."

Thuirt Art Cormack, àrd oifigear Fèisean nan Gàidheal: "Tha sinn air leth toilichte gum bi HIE a' maoineachadh Fèisean nan Gaidheal airson trì bliadhna eile. Tha Fèisean nan Gàidheal air cuideachadh mòr a dhèanamh a thaobh na cànain a cumail buan, na coimhearsnachdan far am bi iad a' gabhail àite agus a' togail misneachd a measg dhaoine òga. 'S e seo rud a tha sinn a' faicinn uair is uair anns ar gnìomhaichean chultarach.

"Thèid ach glè bheag den chlann air adhart a bhith nan luchd-ciùil proifeiseanta, no a' cluich ann an àite poblach, ach tha e math gum bi iomadh dhaibh ag ionnsachadh ionnsramaidean no seinn airson spòrs."

"Tha luach mòr air na sgilean a dh'ionnsaicheas na daoine òga aig na Fèisean, mar pàirt de foghlam neo-fhoirmeil. Tha na Fèisean air an luach leotha, agus bithear ag ionnsachadh agus a' cleachdadh na sgilean ann an dòigh practaigeach. Tha mi cuideachd air mo mhisneachadh air co mheud a tha a' dol air adhart gus Gàidhlig ionnsachadh. Tha feadhainn air a' bheachd a ghabhail gur e Fèisean nan Gàidheal aon de na h-iomairtean as soirbheachail ann an Alba.

Chuir Ailean Caimbeul, Ceannard Bòrd na Gàidhlig fàilte chridheil air an naidheachd. Thuirt e: "Se fìor eisimpleir air leasachadh cultarail is coimhearsnachd a th'ann am Fèisean nan Gàidheal, agus chan eil teagamh nach eil iad àraidh air a h-uile taic a tha dol thuca. Mar phrìomh bhuidhinn taice tha am Bòrd a' cur fàilte mhòr air an naidheachd seo bho HIE. Tha an co-dhùnadh seo bhuapa na h-aithne air na caochladh dhòighean as am bheil nam Fèisean a' cur ri amasan cultarail, sòisealta, agus eacanomaigeach air feadh na dùthcha. Tha an co-dhùnadh seo cuideachd na cheum chudromach anns a Phlana Gàidhlig a tha HIE a nise a deasachadh dhaibh fhèin le taic a Bhùird."

Fhuair Fèisean nan Gàidheal duais bho chionn ghoirid - Pròiseact Choimhearsnachd na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba agus tha iad air leabhar fhoillseachadh air an eachdraidh agus adhartas anns a' chiad 25 bliadhna.

Bookmark with: