Cumhachd Coimhearsnachd: Stiùir bhon Oir
| Cumhachd Coimhearsnachd: Stiùir bhon Oir | |
| 18 April 2006 Gheibh coimhearsnachdan cothrom bruidhinn agus ionnsachadh mu na buannachdan a th' ann dhaibh an lùib cumhachd ath-nuadhachail, agus rud ris an canar 'ar-a-mach sàmhach', cumhachd ath-nuadhachail choimhearsnachdan, aig co-labhairt sna Hearadh an ath-sheachdain a tha Companaidh Cumhachd Coimhearsnachd na Gàidhealtachd is nan Eilean a' cur air dòigh. Am measg nam prìomh òraidichean bidh Mark Stephen aig a' BhBC agus BPA Sarah Boyack, a tha na neach-gairm air Comataidh an Leasachaidh Dhùthchail agus na h-Àrainneachd aig Pàrlamaid na h-Alba agus, 's i aon den luchd-gairm air a' Bhuidhinn Thar-phàrtaidh airson Cumhachd Ath-nuadhachail sa Phàrlamaid. Bidh grunn riochdairean coimhearsnachd a' bruidhinn air an eòlas a fhuair iad o chionn ghoirid mu chumhachd ath-nuadhachail; agus bidh oifigearan ann bho Chomhairle nan Eilean Siar, Dualchas Nàdair na h-Alba agus daoine bho bhuidhnean eile a tha an sàs ann a bhith ag adhartachadh agus làimhseachadh phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail 's iad deònach comhairle is fiosrachadh a thoirt seachad. Mairidh a' cho-labhairt, 'Cumhachd Coimhearsnachd: Stiùir bhon Oir', airson dà latha ann an Tairbeart na Hearadh bho 25mh gu 26mh An Giblean agus 's e seo an dàrna co-labhairt bhliadhnail aig Companaidh Cumhachd Coimhearsnachd na Gàidhealtachd is nan Eilean (CCCGE). Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh ag obair ann an co-bhuinn ri CCCGE gus a' cho-labhairt a chumail. 'S iad aon de ghrunn bhuidhnean coimhearsnachd sna h-Eileanan Siar a tha an-dràsta an sàs ann am pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail, agus tha an leudachadh sna pròiseactan seo san sgìre Chaidh a' chiad cho-labhairt aig CCCGE a chumail ann an Cnòideart sa Chèitean 2005 nuair a chaidh CCCGE a chur air bhog gu h-oifigeil. Bidh co-labhairt na bliadhna sa sna Hearadh a' coimhead gu sònraichte air buidhnean coimhearsnachd a tha ag iarraidh pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail mòra a chur air dòigh dhaibh fhèin. Tha a' cho-labhairt a' tighinn às dèidh bliadhna shoirbheachail do ChCCGE, a tha na chompanaidh neo-phrothaideach a tha a' toirt comhairle mu agus taic-airgid do phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail sa Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan - agus iad a' leantainn air obair Aonad Cumhachd Coimhearsnachd na Gàidhealtachd is nan Eilean. Thathar air crìoch a chur air faisg air 80 pròiseactan a fhuair taic bho CCCGE, 's iad a' gabhail a-staigh siostam teasachaidh uisge bho chumhachd na grèine ann an talla a' bhaile san Luirg agus tuath-gaoithe ann an Giogha a tha a' toirt teachd-a-steach bliadhnail, gu ruige faisge air £80,000, dhan choimhearsnachd. Air sgàth rudan mar atharrachadh na sìde, àrdachadh ann am prìs a' chumhachd agus cho cugallach sa tha solarachadh cumhachd, tha daoine a' toirt barrachd sùim do fhreagairtean mar cumhachd ath-nuadhachail, agus tha barrachd is barrachd choimhearsnachdan a' coimhead ri pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail, agus 's urrainn do ChCCGE an cuideachadh ann an iomadh dòigh: le bhith a' toirt seachad comhairle is fiosrachadh agus le bhith a' toirt taic-airgid do dhaoine airson sgrùdaidhean comasachd agus airson obraichean calpa. A' bruidhinn air mar a tha an ùidh aig coimhearsnachdan ann an cumhachd ath-nuadhachail air a dhol am meud, thuirt àrd-oifigear CCCGE Nicholas Gubbins: 'Tha sinn air ar misneachadh gu mòr leis mar a tha barrachd is barrachd choimhearsnachdan a' gabhail ùidh ann an cumhachd ath-nuadhachail. Tha stòras nach beag de chumhachd ath-nuadhachail aig a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus tha sin a' toirt chothroman mòra do dhaoine a tha a' fuireach an seo. Bu mhiann leinn gu mòr coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith gabhail brath air na cothroman sin.' Thèid a' chiad Sgrùdadh Bliadhnail aig CCCGE a chur air bhog aig a' cho-labhairt cuideachd, aig àm-lòin Diciadain, agus e a' toirt iomradh air an obair a tha an companaidh air a dhèanamh sa chiad bhliadhna còmhla ri grunn math choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha barrachd choimhearsnachdan a' fàs mothachail air na cothroman a th' ann a thaobh cumhachd ath-nuadhachail tro sgeamaichean mar Iomairt Cumhachd Ath-nuadhachail Coimhearsnachd is Dachaigh na h-Alba aig Riaghaltas na h-Alba, a tha CCCGE Thuirt cathraiche CCCGE Lorne MacLeòid: "Tha an sgrùdadh seo air a' chiad bhliadhna againn a' toirt dealbh air an obair a rinn sinn agus tha e a' togail cuid de na ceistean ris a bheil sinne - agus na coimhearsnachdan a tha sinn a' frithealadh - a' dèiligeadh nuair a thig e gu bhith cur air dòigh phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail chum maith nan coimhearsnachdan sin. Rè na bliadhna dh'fhàs e soilleir dhomh gu bheil coimhearsnachdan sa Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan aig teis- meadhan gach adhartas a th' ann an leudachadh cumhachd ath-nuadhachail. Feumaidh sinn a-nis togail air an t-soirbheas sin agus feumaidh sinn togail air misneachd agus dealas nan coimhearsnachdan le bhith lìbhrigeadh seirbheis taice a tha cunbhalach, seasmhach agus ri fhaotainn dhan a h-uile duine." 'S e cumhachd-gaoithe sa coimhearsnachd aon de na cuspairean mum bi daoine | |
