Na Fèisean aig 25- sgrùdadh ùr a' sealltainn bhuannachdan nan ealan Gàidhlig dhan òigridh


Na Fèisean aig 25- sgrùdadh ùr a' sealltainn bhuannachdan nan ealan Gàidhlig dhan òigridh
27 September 2005

Chaidh na toraidhean bho sgrùdadh ùr air na Fèisean a chur air bhog aig co-labhairt bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal. Tha e a’ sealltainn air a’ bhuaidh a th’ aig na Fèisean air a’ Ghàidhlig, na h-ealain agus a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.

’S e bha mar amas aig an sgrùdadh, a bha air òrdachadh agus air a phàigheadh le Iomairt na Gaidhealtachd (InaG) agus Comhairle Ealain na h-Alba, eachdraidh nan daoine a ghabh pàirt ann am Fèis no Fèisean a sgrìobhadh. Shealladh sin mar a bha buaidh aig an Fhèis air am beatha, an dreuchdan, agus air am beachdan a thaobh na Gàidhlig.

Bha e mar amas dealbh farsaing a chruthachadh air iomairt nam Fèisean agus a daoine, 25 bliadhna an dèidh toiseach-tòiseachaidh gu math beag ann am Barraigh.

Bha toraidhean an sgrùdaidh air leth misneachail agus iad a’ sealltainn gun do bheartaich Fèisean a’ mhòr-chuid de na daoine a ghabh pàirt. Gu dearbh, tha an fhianais bho na sgrùdaidhean gu math làidir air a’ phuing seo:

  • 61 sa cheud a rinn iomradh air buaidh dheimhinneach no làidir air a’ cho-dhùnadh aca fuireach, tilleadh no imrich a dhèanamh dhan Ghàidhealtachd no do na h-Eileanan
  • 50 sa cheud a rinn iomradh air buaidh dheimhinneach no làidir air an dreuchd no cùrsa foghlaim a thagh iad
  • 76 sa cheud a rinn iomradh air buaidh dheimhinneach no làidir orra fhèin gus Gàidhlig ionnsachadh
  • 79 sa cheud a rinn iomradh air buaidh dheimhinneach no làidir air am beachdan a thaobh na Gàidhlig
  • 87 sa cheud a rinn iomradh air buaidh dheimhinneach no làidir orra fhèin inneal-ciùil ionnsachadh no a chluich no pàirt a ghabhail ann an seinn Ghàidhlig, dràma no dannsa traidiseanta
  • 86 sa cheud a rinn iomradh air buaidh dheimhinneach no làidir air am beachdan air na h-ealain san fharsaingeachd.

Thuirt Uilleam Roe, cathraiche InaG: “ Tha na toraidhean seo fìor mhisneachail agus tha iad dìreach a’ dearbhadh saothair mhòr nan daoine a bha an sàs ann an iomairt nam Fèisean thairis air na 25 bliadhna a chaidh seachad.

“Tha e mìorbhaileach gun tuirt 61 sa cheud gun robh buaidh mhath aig na Fèisean air an roghainn tilleadh dhan Ghàidhealtachd is do na h-Eileanan. Tha sin a’ sealltainn gu bheil cànan agus dualchas na Gàidhlig mar stòras eacanomaigeach dhan sgìre, tha e a’ cuideachadh le bhith a’ gleidheadh an t-sluaigh agus tha sin mar phrìomh amas aig lìonradh Iomairt na Gaidhealtachd.

“Tha an sgrùdadh seo a’ sealltainn gu bheil buannachdan eacanomaigeach agus buannachdan sluaigh dhà-rìreabh an cois ar dualchais. Bu chòir dhuinn togail air an spionnadh agus moit às ùr a th’ aig daoine òga air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan gus ceanglaichean a neartachadh eadar daoine agus an t-àite anns a bheil iad air an togail.”

Tha an sgrùdadh a’ dèanamh puing iongantach mun dòigh a tha an iomairt ga biathadh agus ga h-ùrachadh fhèin. Bidh aon neach-ionnsachaidh anns gach còignear a’ gluasad air adhart gus pàirt a ghabhail anns na Fèisean ann an riochd eile. ’S e comharra air leth math a tha sin airson seasmhachd leanmhainneach agus fàs na h-iomairt – agus airson ealain na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Bha barrachd misneachd, sgilean conaltraidh, faireachdainn sa choimhearsnachd agus buannachdan eacanomaigeach a’ nochdadh uair is uair mar chuspairean bhon fheadhainn a fhreagair mun bhuaidh a bh’ aig na Fèisean orra. Ann an tòrr fhreagairtean, chuir daoine cudthrom air mar a bha iad air am misneachadh Gàidhlig a bhruidhinn. Mhìnich iad mar a bha na Fèisean fhèin air cothroman ùra fhosgladh dhaibh, siubhal nam measg.

Dh’innis e cuideachd mu cho cudthromach ’s a bha na Fèisean ann an dòighean sòisealta do luchd-frithealaidh. Rinn tòrr luchd-freagairt iomradh air na caraidean a rinn iad aig na Fèisean agus thuirt cuid gun tàinig piseach air na comasan aca ann a bhith a’ dèiligeadh ri daoine eile.

Bhruidhinn gu leòr air na buannachdan sòisealta, dìreach agus neo-dhìreach, a thug an Fhèis dhan choimhearsnachd aca agus iad a-mach air piseach eacanomaigeach a thàinig, nam beachd-san, ri linn is gu robh Fèis ann. Bha barrachd turasachd am measg nam buannachdan sin, gu h-àraidh ann an sgìrean iomallach.

“Tha Comhairle Ealain na h-Alba air leth toilichte an fhianais làidir seo fhaicinn den bhuaidh mhòr a tha aig na h-ealain air beatha dhaoine òga,” thuirt Jim Tough, stiùiriche Comhairle Ealain na h-Alba. “A bharrachd air an tlachd agus an toileachas-inntinn a gheibh cuideigin ann a bhith ag ionnsachadh, a’ cluich, a’ seinn is a’ dannsadh, tha an rannsachadh seo a’ soilleireachadh gu bheil na h-ealain cudromach ann an iomadh dòigh eadar-dhealaichte.

“Tha an obair mhòr a rinn an Fhèis, a’ cumail suas na Gàidhlig agus na coimhearsnachdan ionadail far a bheil na Fèisean a’ tachairt, agus tha i a’ toirt misneachd dhan fheadhainn òga a tha a’ gabhail pàirt, na sgeulachd a chì sinn ann am mòran de na gnìomhan cultarach againn. Tha sinn an dòchas gu bheil seo na bhrosnachadh do Riaghaltas na h-Alba is gum faic iad toraidhean ag èirigh às an t-airgead a chuireas iad ris na h-ealain.”

Bha Lauren NicColla 12 bliadhna a dh’ aois nuair a chaidh i dhan chiad Fhèis aice. Aig an àm ud bha i an impis an fhidheall chlasaigeach a thoirt suas. ’S i an tè an-dràsta air a bheil tiotal BBC Radio 2 Young Folk Award agus i a’ dèanamh fidheall agus seinn Ghàidhlig air a’ chùrsa BA ann an Ceòl Albannach aig Acadamaidh Albannach Rìoghail a’ Chiùil agus Dràma (RSAMD). Bidh i cuideachd a’ teagasg na fìdhle do dh’inbhich agus do chloinn aig Fèisean.

’S e na cuimhneachain as treasa a th’ aice mu na Fèisean a bhith a’ cluinntinn ceòl traidiseanta agus Gàidhlig. Thuirt Lauren: “Mur a b’e an Fhèis cha bhithinn air cumail orm leis an fhidhill agus cha bhiodh Gàidhlig sam bith agam.”

Chan eil teagamh aig Lauren mun rathad a ghabh a beatha – agus i an dòchas gun cùm i air an rathad sin – gum b’e na Fèisean a bu choireach. Tha i a’ faireachdainn nach dèan iomairt nam Fèisean ach leudachadh. Thuirt i: “Tha e sgoinneil fhaicinn mar a bhios an roth a’ dol mun cuairt agus daoine coltach rium fhìn a’ teagasg.”

Bha an Fhèis Bharraigh a bh’ ann an toiseach air a cumail ann an Eilean Bharraigh ann an 1981 nuair a dh’fhàs buidheann de phàrantan agus daoine eile iomagaineach gun robh an traidisean ionadail a’ sìoladh às. Bha dragh orra cuideachd nach robh clann an eilein a’ faighinn oideachadh ann an ceòl traidiseanta taobh a-staigh an fhoghlaim fhoirmeil aca.

Air am brosnachadh leis cho soirbheachail ’s a bha a’ chiad Fhèis chuir iomadh coimhearsnachd eile air feadh na Gaidhealtachd is nan Eilean an aon seòrsa tachartas air bhonn. Tha na diofar Fhèisean air leth sin a-nis mar bhuill chorporra aig Fèisean nan Gàidheal, a’ bhuidheann leasachaidh agus tacsa nàiseanta airson nam Fèisean.

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ meas gu bheil còrr is 4,500 duine òg a’ gabhail pàirt aig an àm seo sna 37 Fèisean a thachras gach bliadhna. Bidh sin ag adhbharachadh còrr is 450 obair oideachaidh airson 132 neach.

Thuirt Art MacCarmaig, bho Fhèisean nan Gàidheal: “’S e cothrom a th’ ann am Fèis do dhaoine a thighinn còmhla gus na sgilean aca a leasachadh anns na h-ealain Ghàidhlig – òrain, dannsa, dràma, agus ceòl traidiseanta air taghadh farsaing de dh’innealan-ciùil. Tha an t-oideachadh freagarrach airson na h-ìre agus spòrsail, ach proifeiseanta agus èifeachdach.

“’S e taobh luachmhor den fhoghlam neo-fhoirmeil aig daoine òga a th’ anns na sgilean a thèid a theagasg aig Fèisean. Cho cudromach ri càil eile, bidh an òigridh fhèin a’ cur luach air a’ chothrom a tha san Fhèis. Tha coltas ann gum bi iad a’ cleachdadh nan sgilean a dh’ ionnsaich iad ann an dòigh phractigeach. Tha e na thogail dhomhsa cuideachd an àireamh mhòr de dhaoine fhaicinn a bh’ air am brosnachadh Gàidhlig ionnsachadh. Tha na Fèisean air am meas le tòrr dhaoine am measg tè de na h-iomairtean ealain as soirbheachail ann an Alba.”

Faic an sgrùdadh air fad.

Link to English language version of this news release