| RANNSACHADH ÙR AIR A CHUR AIR BHOG AIR BUAIDH NA GÀIDHLIG ANN AN LEASACHADH NA GÀIDHEALTACHD ’S NAN EILEAN | |
| 28 February 2005 Thathar a’ dol a dhèanamh rannsachadh air buaidh cultar agus cànan na Gàidhlig air leasachadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean gus cothroman a bharrachd a dhearbhadh gus leasachadh cànain agus leasachadh eaconamach-sòisealta fhighe ri chèile. Bidh Marsaili NicLeòid, oileanach PhD aig Oilthigh Obar Dheathain, a’ dèanamh an rannsachaidh a tha air a mhaoineachadh le Comhairle Rannsachaidh Eaconamachd agus Sòisealta (ESRC) ann an co-bhoinn ri Iomairt na Gàidhealtachd (HIE). Bho chionn ghoirid thug HIE taic airgid gus Ionad Nàiseanta na h-Imrich a chur air chois, pròiseact cò-obrachaidh eadar HIE, Oilthigh Obar Dheathain agus Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, agus tha am buidheann air iarraidh gun dèigheadh obair rannsachaidh PhD a dhèanamh air ‘Buaidh cànan agus cultar na Gàidhlig ann a bhith a’ brosnachadh leasachadh eaconamach-sòisealta’. Coimheadaidh an rannsachadh airson ceanglaichean a tha ann an-dràsta eadar Gàidhlig agus rudan leithid ionannachd, fèin-mhisneachd, ceangal coimhearsnachd, cruthachadh agus gnìomhachadh – uile air am faicinn mar cudromach ann an leasachadh eaconamach-sòisealta maireannach agus leantainneach anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Tha a’ bhuidheann iomairt an-diugh (25/2) a’ cur air chois cuirm air buaidh cànan ann an leasachadh sòisealta agus eaconamach anns an ùine fhada anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, agus bidh Marsaili ag innse amasan agus ceann-uidhe a cuid rannsachaidh. Bidh an t-Àrd-Ollamh Mìcheal Danson, Oilthigh Phàislig, agus an t-Ollamh Dùghlas Chalmers, Oilthigh Caledonian Ghlaschu, a tha le chèile nan eòlaichean air eaconamachd agus leasachadh eaconamach, cuideachd aig a’ chuirm, a thèid a chumail ann an oifisean Bòrd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis. Thuirt Alasdair MacLeòid, manaidsear leasachaidh cultar agus gnothaichean òigridh HIE: “Tha sinn a’ faicinn seo mar obair rannsachaidh a dh’ fhaodadh a bhith fìor chudromach airson leasachadh eaconamach-sòisealta agus leasachadh cànain anns an sgìre. Tha faireachdainn ann gu bheil cultar làidir, beòthail aig a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan an-dràsta, agus tha sinn an dòchas cuir ris a sin gus beatha maireannach, leantainneach a chumail ri dualchas cultarail agus cànan na sgìre.” Thuirt Stiùiriche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Caimbeul: “’S fhada bho chaidh gabhail ris gun robh na dòighean gus leasachadh eaconamach agus leasachadh cànain cho coltach ri chèile gus nach gabhadh sgaradh dèanamh eatorra.” “Tha HIE agus buidhnean eile air a bhith a’ cur an làn taic ris an fheallsanachd seo, agus tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha an ceangal a tha seo ann am plànadh cànan. Cuiridh Am Bòrd fàilte air dad a chuireas ri fiosrachadh mu leasachadh eaconamach, sòisealta agus cànain, agus tha sinn air leth toilichte a’ chuirm seo a chumail an-diugh.” | |
Add to Favorites
Facebook
Digg
del.icio.us
Google
Live Bookmarks
StumbleUpon
Technorati
Reddit
Furl
Slashdot
Spurl